Buaidh do dh'Alba

Caoimhin Bartlett
Image caption Chrìochnaich Caoimhin Bartlett an là le 12 phuing.

Rinn Alba a' chùis air Èirinn sa gheama iomain eadar-nàiseanta aig Pàirc a' Bhucht.

Bha Caoimhin Bartlett a-rithist glè chudromach do dh'Alba agus b' e an aon duine a chuir am ball dhan lìon sa chiad leth.

Thàinig an tadhal nuair a chuir Enda Rowland eadar na puist aig Èirinn stad air oidhirp àrd, is nochd Bartlett gus am ball a stiùireadh a-steach.

Thàinig a' chiad leth gu ceann le Alba air thoiseach 1-5 (8) gu 0-5 (5).

Chaidh na h-Èireannaich suas ìre san dàrna leth is bha coltas math air cùisean dhaibh is iad a' gluasad air thoiseach 0-11 (11) gu 1-5 (8).

Lùghdaich Bartlett a' bheàrn, ge-tà, is le beagan is deich mionaidean air fhàgail chuir Ruairidh Dòmhnallach tadhal eile do dh'Alba, a-rithist às dèidh do dh'fhear-glèidhidh na h-Èireann stad a chur air oidhirp sa chiad dol a-mach.

Chum na h-Èireannaich a' dol is thàinig sàbhaladh air leth bho Stiùbhart Dòmhnallach gus stad a chur air Chris Bonus anns na mionaidean mu dheireadh.

Chrìochnaich an geama 2-12 (18) gu 0-15 (15) do dh'Alba.

Na bu thràithe air an là rinn na h-Èireannaich a' chùis sa gheama fo aois 21.

B' e 5-4 (19) gu 2-9 (15) a bh' ann do dh'Èirinn sa gheama sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile