Dùghlas Ros "an dùil leantainn air" greis eile

Dùghlas Ros Image copyright PA

Nochd aithrisean gu bheil am Ball-Pàrlamaid Tòraidheach, Dùghlas Ros, am beachd leantainn air mar rèitire bhall-coise gus am bi Cupa na Cruinne seachad an ath-bhliadhna.

Bha connspaid ann nuair a chaill Mgr Ros, a tha na BhP airson sgìre Mhoireibh, deasbad aig Westminster an t-seachdain seo chaidh, is e a' ruith na loidhne ann am Barcelona.

Bha Mgr Ros aig Hampden Disathairne 's e a' ruith na loidhne sa gheama eadar Celtic is Hibs.

Bha mì-thoileachas ann Diciadain seo chaidh nuair nach robh e aig deasbad ann an Westminster mu shochairean 's e ag obair aig geama san Champions League eadar Barcelona is Olympiakos.

Nochd aithris aig deireadh na seachdain gu bheil Mgr Ros am beachd leantainn air sa bhall-coise gus am bi Cupa na Cruinne san Ruis an ath-bhliadhna seachad, oir nan sguireadh e an-dràsta chailleadh an sgioba de dh'oifigich anns a bheil e, le Willie Collum os an cionn, cothrom a dhol dhan fharpais.