Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dìon niuclasach

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin gu bheil dleastanas air na Stàitean Aonaichte an corr den t-saoghal a dhìon cho chunnart niucleasach Chorea a Tuath. Ach, thuirt Boris Johnson, ann an òraid ann an Lunnain, gu feum an Ceann-suidhe Trump innleachd dhiplomasach a chleachdadh 'son dèiligeadh ris an t-suidheachadh agus gu feum an riaghaltas ann am Pyongyang cuideachd an cùrsa atharrachadh .

Catalonia

Thuirt an riaghaltas roinneil ann an Catalonia nach gabh iad ri òrdain bho Riaghaltas na Spainn ma 's e agus gun tèid cumhachdan a thoirt bhuapa. Thuirt oifigich Chatalonia gu bheil Madrid a' dol an aghaidh miann deamocratach an t-sluaigh. Bidh Pàrlamaid Chatalonia a' coinneachadh Diardaoin a dheasbad freagairt do Mhadrid.

Brexit

Chaidh fear-labhairt Cheann-suidhe a' Chomisein Eorpaich as àicheadh gun do leig e ma sgaoil do phàipear-naidheachd Gearmailteach, aithris air na thachair aig dìnneir na seachdainn seo chaidh far an robh Theresa May agus riochdairean an EU. Tha am pàipear-naidheachd sin, an Frankfurter Allgemeine, a' cumail a-mach gu robh a' Bhean Phosda May a' guidhe ri Jean-Claude Juncker 'son taic le Brexit. Tha an aithris a' tighinn aig an dearbh àm 's tha na buidhnean 's motha a tha a' riochdachadh gnìomhachas ann am Breatainn, mar an CBI agus Institiud nan Stiùirichean a' togail dragh mun chunnart dhaibh le maill ann an còmhraidhean Brexit.

Gnìomhachasan Beaga

Tha sgrùdadh a rinn Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag ràdh gu bheil a' mhòr chuid de ghnìomhachas eileanach den bheachd gu bheil dubhlain romhpa nac heil ro companaidhean air tìr-mòr na h-Alba. Bidh an Caidreachas a' toirt an fhiosrachaidh do Chomataidh Eaconomaidh nan Sgìrean Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdainn seo agus iad an dochas gun toir Bile nan Eilean spèis dha sin.

Am Mòd

Tha an Comann Gàidhealach a' cumail mach nach eil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' cur cùl ris a' Ghàidhealtachd - ged a bhios e ann a meadhan na h-Alba agus aig deas ceithir tursan eadar seo agus 2022. Ach thuirt Ard-oifigear a' Chomuinn, Iain Moireasdan, gu bheil na planaichean Gàidhlig a dh'fheumas a bhith aig ùghdarrasan ionadail a'ciallachadh gur dòcha gum bidh am Mòd air Ghalldachd nas trice an dèidh seo.

Sàbhailteachd eich is marcaichean

Tha iomairt a' tòiseachadh an-diugh 'son tuilleadh dìon a chur air eich agus marcaichean air rathaidean na h-Alba. Bho 2010 tha dithis mharcaiche air am beatha a chall agus chaidh deich each a mharbhadh ann an tubaistean air rathaidhean na h-Alba. Tha iomairt Pholas na h-Alba, fon ainm "Lose the Blinkers", ag iarraidh air draibhearan spèis a thoirt do dh'eich air na rathaidhean.