Taic do plana 'son pàirce nàiseanta ùr

Loch Laomainn Image copyright Geograph/Alan O'Dowd
Image caption Tha Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn trang le turasachd.

Chuir a' bhuidheann "Iomairt airson Phàircean Nàiseanta" fàilte air an naidheachd gu bheil Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' beachdachadh air pàirc nàiseanta ùr a stèidheachadh san sgìre.

Tha an t-ùghdarras ionadail a' sireadh bheachdan air plana leasachaidh ionadail ùr.

Anns a' phlana ùr tha moladh airson Pàirc Nàiseanta Earra-Ghàidheal agus nan Eilean a stèidheachadh.

Cha deach crìochan a chomharrachadh airson leithid de phàirc fhathast.

Thuirt oifigearan nach robh e soilleir aig an ìre seo dè a' bhuaidh a bhiodh aig pàirc nàiseanta, agus gun robh tuilleadh sgrùdaidh a dhìth.

San fharsaingeachd ge-tà, tha iad ag ràdh gu bheil coltas ann gum biodh buannachd an còis pàirce.

Tha rùnaire Iomairt airson Phàircean Nàiseanta, Iain MacThòmais, ag ràdh gum faodadh pàirc ùr buaidh a thoirt air turasachd san sgìre.

"Ma tha sgìre agad nach eil cho aithnichte ri sin 's urrainn dhut turasachd agus nithean eile a leudachadh 10% neo 20% ann an ùine ghoirid agus 's dòcha barrachd na sin an ceann ùine.

"Chan eil sinn a' bruidhinn air cruth-atharrachadh a thoirt air sgìrean gus am bi iad coltach ri Loch Laomainn neo an Lake District, 'son, gu follaiseach, tha sinn a' bruidhinn mu sgìrean iomallach ann an seo.

"Ach dh'fhaodadh fiùs àrdachadh de 10% neo 20% diofar mòr a dhèanamh do ghnothachasan," thuirt Mgr MacThòmais.