Faclan Falaichte
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aithris Fuaime: Faclan Falaichte

23 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An cuala sibh a-riamh mu mhionagadanan? Neo mu bhoireannaich a' glaigeil?

Uell, 's e facail a tha seo a bh' air an cleachdadh ann an Èirisgeigh is Uibhist a Deas, ach a tha an ìre mhath air a dhol à bìth.

Thathas an dòchas ge-tà, gun tèid an cleachdadh uair eile, agus iad a' nochdadh ann an cruinneachadh ùr de dh'fhacail Ghàidhlig.

Chaidh Catriona NicIlleDhuibh gu dachannan daoine ann an Èirisgeigh is Uibhist a Deas gus ionnsachach mu na facail, agus i a-niste air an toirt còmhla ann an leabhar beag.

Fhuair Eilidh NicAoidh facal oirre mun phròiseact.

Thèid leabhar Catriona ''Sly Cooking: 42 irresistible Gaelic words'' fhoillseachadh aig An Lanntair Disathairne an 28mh den Damhair.

Agus, bidh am prògam ''Maighstitr Ailein agus na Faclan'' air a chraoladh air BBC ALBA aig 9:00f Diluain an 30mh den Damhair.