Am Mòd air Ghalltachd

Suaicheantas a' Chomuinn Ghàidhealaich Image copyright An Comunn Gàidhealach

Chan eil am Mòd Naiseanta Rìoghail idir a' cur cùl ris a' Ghàidhealtachd ged a bhios e a' dol nas fhaide deas ceithir tursan eadar seo agus 2022.

'S e sin beachd Àrd-Oifigeir a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain Moireasdan, a thuirt gu bheil na planaichean Gàidhlig a tha ùghdarrasan ionadail ag ullachadh a' ciallachadh gur dòcha gun tèid am Mòd dhan Ghalltachd nas trice an dèidh seo.

"An rud a tha sinn a' mothachadh gu mòr, 's e gu bheil Bòrd na Gàidhlig a' cur uallaich air na h-ùghdarrasan ionadail gu lèir planaichean Gàidhlig a chur air dòigh," thuirt Mgr Moireasdan.

"Tha a' chuid mhòr aca a-nis ag obair tron phròiseas a tha sin, 's iad a' cur phlanaichean Gàidhlig air dòigh.

"Tha a h-uile plana Gàidhlig a tha na h-ùghdarrasan ionadail a' cur air dòigh ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a thighinn dhan sgìre aca fhèin.

"Tha iad a' cur sin dhan phlana Ghàidhlig. Tha sin a' cur cuideim air na Comhairlichean aca sin a dhèanamh. Tha iadsan a' tighinn thugainne an uair sin ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na sgìrean aca.

"So 's dòcha, beag air bheag, gu bheil an obair a tha Bòrd na Gàidhlig a' dèanamh le planaichean Gàidhlig ag atharrachadh nan dòighean-obrach a tha gu bhith againn anns na bliadhnaichean ri thighinn cuideachd," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo