Làrach sgoile a dhìth an Glaschu

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Image copyright Picasa
Image caption Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ro làn.

Thig air Comhairle Baile Ghlaschu làrach ùr fhaighinn 'son sgoil Ghàidhlig ùr an dèidh dhaibh èisteachd ri pàrantan a bha ag ràdh nach robh Sgoil Ghowanbank freagarrach.

Chuir trì chairteal de na fhreagair co-chomhairle phoblach an aghaidh na làraich sin.

Thèid buidheann a stèidheachadh a-nise, air am bi pàrantan, 'son fuasgladh fhaighinn.

Bidh Dùbhghlas Moireasdan, Cathraiche Comhairle Phàrant Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a bha e fhèin taiceil do Sgoil Ghowanbank, air a' bhuidhinn sin.

"Bha e follaiseach dhuinn leis a' cho-chomhairle a rinn Comhairle nam Pàrant aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu nach robh uiread de thaic ri sgoil ùr air làrach Ghowanbank," thuirt e.

"Ach ag ràdh sin, bha tòrr de na pàrantan, cha robh mòran de dhragh aca mu dheidhinn na làraich airson sgoile ùire.

"Bha iad ag iarraidh sgoile ùire, agus cha robh e cho cudromach càite anns a' bhaile a bha an sgoil ùr sin," thuirt e.

"Tha sinn a' cur fàilte air an naidheachd gu bheil a' Chomhairle ag èisteachd ri pàrantan agus gu bheil iad airson obrachadh còmhla ri pàrantan.

"Am-bliadhna, tha còrr is 150 ag iarraidh a-staigh gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile.

"Tha a' Chomhairle ag iarraidh plana a chur air dòigh a bhios freagarrach airson nan àireamhan a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig agus gum bi na goireasan gu lèir a th' aig foghlam tro mheadhan na Beurla aig a' chloinn a tha a' tighinn dhan sgoil againne cuideachd," thuirt e.