Bàs ann an Caol Muile

Ospadal Latharna agus nan Eilean Image copyright Google
Image caption Bhàsaich an dàibhear aig Ospadal Latharna agus nan Eilean anns an Òban.

Bhàsaich fireannach an dèidh dha a bhith a' dàibheadh ann an Caol Muile.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm an dèidh dha a dhol ann an laisge 's e a' dàibheadh Diluain.

Chaidh a sgèith a dh'Ospadal Latharna agus nan Eilean san Òban.

Thuirt Poileas Alba gun do chaochail e ann an sin agus gun robh iad a' rannsachadh na cùise.