Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich nach eil naimhdeas aig a' Choimisean do Bhreatainn. Thuirt Jean-Claude Junker ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa gu bheil an Coimisean ag iarraidh aonta Bhrexit a bhios cothromach dhan dà thaobh. Thuirt Dòmhnall Tusk, Ceann-Suidhe na Comhairle Eòrpaich, nas tràithe an-diugh gur e Brexit an deuchainn as motha a thàinig air an Aonadh Eòrpach fhathast, agus dh'iarr e air na 27 dùthchannan a tha fhathast anns an EU iad fuireach còmhla ge b' e dè an t-slighe air an tèid na còmhraidhean.

Fracadh

Tha Pàrlamaid na h-Alba a' bhòtadh an-diugh air casg air fracadh. Thuirt ministearan an Riaghaltais aig toiseach na mìos seo nach bu chòir an dòigh sin air tolladh airson ola agus gas a bhith an Alba, agus nach leig iad air adhart e. Tha na Tòraidhean an aghaidh casg, ach tha na Làbaraich agus na h-uainich ag ràdh nach eil e làidir gu leòr.

Heileacoptairean

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh mu dhragh luchd-obrach na h-ola sa Chuan a Tuath gu bheil heileacoptairean SuperPuma a' tilleadh gu seirbheis an dèidh tubaiste mairbhtich an-uiridh. Tha AirBus ag ràdh gu bheil na h-itealain sin sàbhailte, ged a tha sgrùdadh na companaidh fhèin a' sealltainn nach eil a' mhòr-chuid den luchd-obrach deònach siubhal orra.

Bùthainnean

Thug rannsachadh mu phrìs stuthan bunaiteach anns na bùthainnean sgaradh mòr am follais ann an aon sgìre dhùthchail ann an ceann a deas na h-Alba. Chaidh basgaid de stuth a cheannach ann an sreath bhùthainnean ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidheaibh. Bha sgaradh ann eadar beagan agus £9 aig bùth san t-Sròn Reamhar, gu faisg air £25 ann an Dalbeatie. Fhuair an sgrùdadh cuideachd dearbhadh air bùthainnean nas motha - na supermarkets - a bhith a' reic stuth aig diofar prìs ann an diofar bhailtean.

BrightHouse

Dh'aontaich a' chompanaidh BrightHouse còrr is £14m a thoirt mar dhìoghaltas do dhaoine dhan tug iad iasadan ro mhòr. Tha a' chompanaidh a' reic stuth mar fhàirneis taighe air chùmhnant fo am bi daoine gam pàigheadh air ais a h-uile seachdain. Thuirt ùghdarras modh an ionmhais gu bheil iad air bruidhinn ri cairteal de mhillean de luchd-cleachdaidh air an deach brath a ghabhail.

Caolas Mhuile

Chaochail dàibhear air an deach cobhair a dhèanamh an-dè ann an Caolas Mhuile. Chaidh a thoirt às a' mhuir gun mhothachadh agus thug bàta-teasairginn Thobar Mhoire dhan ospadal san Òban e. Leig Poilis na h-Alba fhaicinn an-diugh gun do chaochail an duine an sin.