Seachdain gun seirbheis-aiseig

Cidhe Loch nam Madadh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainnn nach bi seirbheisean aiseig sam bith a' ruith a-mach à Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath fad seachdain bhon 13mh là den t-Samhain.

Tha seo ri linn obair-càraidh riatanaich.

Bidh an t-aiseag à Ùige a' tadhal air Loch Baghasdail, an àite Loch nam Madadh air an t-seachdain sin.

Gabhaidh na clàran-ama ùra airson na seachdain sin a-steach seirbheis làitheil eadar Ùige agus Tairbeart na Hearadh.

Tha Cal Mac ag ràdh gun adhbharaich an obair na h-uimhir de dhuilgheadasan do dhaoine, ach thuirt iad gu bheil iad air plana a chur an sàs gus sin a lùghdachadh uiread 's a ghabhas.