Sgaradh bheachd mu phàirc nàiseanta ùr

Tràigh Chrosaboil, Colla Image copyright Geograph/Sue Jackson

Thog comhairliche ann an Earra-Ghàidheal dragh mu mholadh gus pàirc nàiseanta a stèidheachadh san sgìre.

Tha an t-ùghdarras ionadail a' sireadh bheachd air plana leasachaidh ionadail ùr.

Anns a' phlana ùr tha moladh airson Pàirc Nàiseanta Earra-Ghàidheal agus nan Eilean a stèidheachadh.

Cha deach crìochan a chomharrachadh airson leithid de phàirc fhathast.

Buaidh

Tha dragh air a' Chomh. Robin Currie gum faodadh an inbhe droch bhuaidh a thoirt air leithid iasgairean.

Tha e ag ràdh nach eil iarrtas ann air a son.

"Aig an àm seo chan e rud a th' ann a bhithinn-sa gu math toilichte leis," thuirt e.

Thuirt Mgr Currie gun tug inbhean glèidhteachais eile, leithid SSSI, buaidh air croitearan agus tuathanaich mar thà.

"Feumaidh sinn a bhith cinnteach dè a tha e a' ciallachadh.

"Tha e a-mach a-nis airson co-luadair agus cluinnidh sinn dè a tha daoine ag ràdh mun seo agus mu mhòran ghnothaichean eile sa phlana leasachaidh.

"Chì sinn dè a tha iad ag ràdh mus tèid sinn air adhart," thuirt e.

Taic

Ach tha feadhainn a tha a' cur taic ri pàircean nàiseanta ag ràdh gum biodh buannachdan gu leòr na lùib.

Thuirt rùnaire Iomairt airson Pàircean Nàiseanta, Iain MacThòmais, gum faodadh pàirc ùr buaidh a thoirt air turasachd san sgìre.

"Ma tha sgìre agad nach eil cho aithnichte ri sin 's urrainn dhut turasachd agus nithean eile a leudachadh 10% neo 20% ann an ùine ghoirid agus 's dòcha barrachd na sin an ceann ùine.

"Chan eil sinn a' bruidhinn air cruth-atharrachadh a thoirt air sgìrean gus am bi iad coltach ri Loch Laomainn neo an Lake District, 'son, gu follaiseach, tha sinn a' bruidhinn mu sgìrean iomallach ann an seo.

"Ach dh'fhaodadh fiù 's àrdachadh de 10% neo 20% diofar mòr a dhèanamh do ghnothachasan," thuirt Mgr MacThòmais.

Co-chomhairle

Tha an t-ùghdarras ionadail a' sireadh bheachdan air plana leasachaidh ionadail ùr.

Thuirt oifigearan bhon Chomhairle nach robh e soilleir aig an ìre seo dè a' bhuaidh a bhiodh aig pàirc nàiseanta agus gun robh tuilleadh sgrùdaidh a dhìth.

San fharsaingeachd ge-tà, thuirt iad gun robh coltas ann gum biodh buannachd an còis pàirce.