Dragh gun dùin Ionad Spòrs Mhoireibh

Ionad Spòrs Eilginn Image copyright Geograph/Richard Slessor

Tha dragh gun tèid fear de na h-ionadan spòrs as motha mu thuath a dhùnadh ri linn trioblaidean ionmhais.

Dh'fhaodadh gun tèid Ionad Spòrs Mhoireibh ann an Eilginn, far a bheil amar-snàimh agus raon-deighe, a chur ann an làmhan luchd-rianachd.

Dh'fhòsgail an t-ionad ann an 1993 agus tha e air a bhith na ghoireas coimhearsnachd cudromach dhan bhaile agus an sgìre mun cuairt.

Ach, chan eil e air a bhith cho trang bho chionn ghoirid ri linn farpais bho ionadan eile.

Tha cosgaisean ruith an ionaid air èirigh gu mòr cuideachd.

Tha an carannas a tha ga ruith, Moray Leisure Eta, a' crochadh air mu £700,000 de thaic-airgid bho Chomhairle Mhoireibh a h-uile bliadhna.

Dh'fhoillsich an triùir chomhairlichean a tha air bòrd-stiùiridh na buidhne brath-naidheachd a' togail dragh mu dhuilgheadasan ionmhais.

Thathas a' tuigsinn gu bheil trioblaidean air a bhith aig a' charthannas ann a bhith a' faighinn iosadan banca.

Thuirt aon neach aig a bheil ceangal ris a' bhuidhinn nach cuireadh e iongnadh orra nan dùineadh an t-ionad ro dheireadh na bliadhna-ionmhais.