Gearraidhean smàlaidh air fàire

Criutha smàlaidh

Thèid stèiseanan-smàlaidh a dhùnadh agus thèid àireamh nan smàladairean a ghearradh, a rèir phàipearan-stiùiridh a tha am BBC air fhaicinn.

Tha pàipearan a chaidh a sgaoileadh gu àrd-mhanadsairean ag ràdh nach urrainn am modal a th' ann an-dràsta maireachdainn às dèidh deireadh na bliadhna-ionmhais seo, ach gu bheil sàbhailteachd a' phobaill fhathast a' faighinn prìomhachais.

Ceithir bliadhna air ais chaidh na h-ochd feacdan smàlaidh ann an Alba a thoirt còmhla mar aon bhuidhinn.

Bhon uairsin chaidh àireamh an luchd-obrach a ghearradh mu 1,000, ach chaidh dìon a chur air an obair-smàlaidh agus na stèiseanan.

Tha pàipearan a chunnaic am BBC ge-tà, ag ràdh nach eil am modal seasmhach agus gum feum cuid de stèiseanan smàlaidh a bhith air an dùnadh agus gum feum àireamh nan smàladairean a bhith air ghearradh.

Ma dh'aontaicheas na smàladairean ris na h-atharrachaidhean, agus gabhail ri dleastanasan a bharrachd - lethid a bhith a' dèiligeadh ri ceannaircich agus a' tabhann cùraim mheidigich èiginnich - gheibh iad barrachd pàighidh na gheibh smàladairean ann an Sasainn 's a' Chuimrigh.

Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gum bi atharrachaidhean sam bith sàbhailte agus air an ullachadh ceart.

Theid co-chomhairle a dhèanamh mu na molaidhean san Fhaoilleach.