Faochadh dha Inverness City

Pàirc a' Bhucht

Fhuair sgioba ball-coise Inverness City faochadh is Comhairle na Gàidhealtachd a' toirt dhaibh cead fuireach aig Pàirc a' Bhucht gu deireadh an t-seusain.

Tha tàire air a bhith aig a' chluba a thaobh dachaigh bho chionn grunn bhliadhnaichean.

Ghluais iad dha Pàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath nuair a fhuair iad inbhe Junior ann an 2008.

Cha robh a' phàirc ri faotainn dhaibh fad na bliadhna ge-tà, is muinntir a' chriogaid cuideachd ga cleachdadh.

Air a' cheann thall, agus às dèidh dhaibh pàircean eile a chleachdadh gu h-eadar-amail, rinn Comhairle na Gàidhealtachd cobhair air a' chluba, le pàirc ga stèidheachadh dhaibh ann am Pàirc a' Bhucht ann an 2013.

Maireannach

Bha an t-aonta sin gus tighinn gu ceann air an 30mh den Damhair 2017, is Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e fuasgladh eadar-amail a bha seo bho thùs gus cothrom a thoirt dha Inverness City dachaigh mhaireannach a lorg dhaibh fhèin.

Dhearbh a' Chomhairle gu bheil iad a-nise air an t-aonta a leudachadh dhan 15mh den Chèitean 2018.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gun leig seo leis a' chluba cumail a' dol gus an gluais iad gu pàirc ùr ann an Cnoc Moire faisg air Inbhir Nis.

Thuirt Inverness City roimhe gum biodh cunnart mòr ann gun rachadh iad à bith nan cailleadh iad cead cluiche aig Pàirc a' Bhucht.

Feumaidh feansa a bhith timcheall air pàircean aig ìre Junior.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile