Smachd a dhìth air cosgaisean lìbhrigidh

Bogsa litreach

Dh'iarr am BPA Ridseard Lochhead, gun tèid smachd a chur air na tha companaidhean lìbhrigidh ag iarraidh bho dhaoine a tha a' fuireach anns na sgìrean as iomallaiche.

Thuirt e gur e trioblaid mhòr a tha seo, gu h-àraid leis an Nollaig a' teannadh dlùth.

Chaidh coinneamh a chumail le Mgr Lochhead, agus companaidhean leithid a' Phuist Rìoghail, Co-bhanntachd Meanbh-Reic na h-Alba agus Caidreachas nan Gnìomhachasan beaga.

Thog Mgr Lochhead draghan mu mar a chaidh iarraidh air cuideigin £50 a phàigheadh do chompanaidh lìbhrigidh airson rud a chosg £5.99, agus mar a chaidh iarraidh air cuideigin eile £50 a phàigheadh agus a' chompanaidh a' sanasachd nach biodh aca ri barrachd a phàigheadh 'son seirbheis lìbhrigidh.

Chaidh deasbad a chumail mu mar as urrainnear dèiligeadh ris na trioblaidean a th' ann, agus thuirt Mgr Lochhead gu bheil taic sa Phàrlamaid Albannaich gus reachdas a chruthachadh mar dhòigh gus dèiligeadh ris.

Tha dùil gun tèid deasbad a chumail mun ghnothach aig Holyrood air an ath mhìos.