Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois

27 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Catalonia

Tha Seanadh na Spàinn a' coinneachadh an-dràsta a dheasbad plana an Riaghaltais airson cumhachdan roinneil Chatalonia a ghearradh. Tha ùghdarras Chatalonia ag ràdh nan tachradh sin gu bheil a h-uile coltas ann gun gluais a' Phàrlamaid acasan airson neo-eisimeileachd.

Margaret Fleming

Thèid dithis mu choinneamh na cùirte ann an Grianaig an-diugh co-cheangailte ri cùis boireannaich à Inbhir Chluaidh, Margaret Fleming, nach fhacas bho chionn 18 bliadhna. Tha e coltach gur iadsan dithis luchd-cùraim a bha a' sealltainn rithe, Eideard Cairney, a tha 76, agus Avril Jones, a tha 57.

Làbaraich

Tha bhòtadh a' tòiseachadh an-diugh airson ceannard ùr dha na Làbaraich ann an Alba, an àite Kezia Dugdale. Tha dithis anns an fharpais, Ridseard Leonard agus Anas Sarwar. Dùinidh am baileat air an 17mh den ath mhìos agus thèid an ceannard ùr ainmeachadh air an 18mh.

Seirbheisean slàinte

Ghabh mu 400 duine pàirt ann an iomairt ann an Inbhir Ùige a-raoir an aghaidh ghearraidhean ann an seirbheisean slàinte sna sgìrean dùthchail agus bidh caismeachdan eile ann a' màireach aig tuath agus deas. Bidh togail fianais eile ann an Gallaibh, bidh iomairt anns an Eilean Sgitheanach an aghaidh ghearraidhean aig Ospadal Phort Rìgh, agus bidh cruinneachadh cuideachd anns An t-Sròin Reamhair mu seirbheisean slàinte ann an Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh.

Turasachd

Tha ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Margaret Davidson, ag iarraidh dùblachadh air an airgead a dh' ainmich Riaghtlas na h-Alba bho chionn ghoirid airson leasachadh air bun-structur turasachd. Chuir an Riaghltas £6m an darna taobh do dh' Alba gu lèir agus ged a chuir a' bhean-phosta Davidson fàilte air an taic-airgid sin, tha i ag ràdh nach eil faisg air gu leòr ann.

Dùghlas Ros

Dh'innis am Ball-Pàrlamaid Tòraidh do sgìre Mhoireibh, Dùghlas Ros, a tha cuideachd na rèitire ball-coise, nach gabh e dreuchd aig geamaichean an dèidh seo nuair a tha a' Phàrlamaid a' suidhe. Tha Mgr Ros na rèitire aig àrd-ìre, le teansa air geamaichean san Champions League agus 's dòcha aig Cupa na Cruinne an ath bhliadhn'. Chaidh a chàineadh bho chionn ghoirid nuair nach robh sgeul air aig deasbad anns a' Phàrlamaid mun Chreideas Choitcheann, leis gun robh e a' ruith na loidhne aig geam eadar Barcelona agus Olympiakos.