30 bliadhna de Chrossroads Leòdhais

Cùram

Bha comharrachadh ann oidhche Ardaoin air 30 bliadhna bho thòisich buidheann cùraim, Crossroads Leòdhais.

Bho thòisich a' bhuidheann a' toirt faochaidh do dhaoine a tha a' coimhead às dèidh chàirdean nan dachannan fhèin, tha an obair a tha iad a' dèanamh air leudachadh gu mòr.

Ach, coltach ri iomadh buidheann eile, tha an t-airgead teann ged a dh'iarradh iad tuilleadh sheirbheisean a thoirt seachad.

"Tha barrachd dhaoine ag obair dhaibh, agus tha iad a' frithealadh barrachd dhaoine, agus tha an t-seirbheis air leudachadh," thuirt Donna NicLeòid, a' cur taic ri bòrd-stiùiridh na buidhne.

Cadal

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine a' cur barrachd aithne air Crossroads na bhathas an toiseach.

"'S e an obair as motha a tha iad a' dèanamh a bhith a' leigeil cothrom do dhaoine a th' air fad na seachdain a thoirt a' frithealadh, tha iad a' leigeil cothrom dhaibh faighinn a-mach airson uair de thìde, dà uair de thìde, trì, no ceithir aig a' char as fhaide.

"Tha fhathast daoine a dh'fhaighnicheas dhomhsa às dèidh 30 bliadhna "dè fo ghrèin a tha Crossroads a' dèanamh? no "carson a tha iad ann".

"Mura tig feum agad orra, chan aithnich thu a chaoidh dè tha iad a' dèanamh.

"Ach aon uair 's gun tig feum agad orra, cha dhìochuimhnich thu a chaoidh gun do rinn Crossroads cobhair ort.

"A thuilleadh air an t-seirbheis làitheil a tha iad a' toirt seachad, tha iad cuideachd a' dèanamh rud ris an can iad a' toirt do dhaoine oidhche mhath chadail.

"Agus thèid duine bho Chrossroads a-steach bho 10:00f gu 07:00m, agus tha sin a' toirt cothrom cadail oidhche, no 's mathaid uaireannan ann an cùisean èiginneach gun tèid iad ann dà thrup anns an t-seachdain.

"Tha rud eile ann ris an can iad seirbheis fòrlaidh ghoirid. 'S e sin can gum biodh aca ri dhol gu tiodhlacadh ait Tìr-Mòr, no gu bainis, agus gum feum iad co-dhiù trì là - dà oidhche 's trì là air falbh - thèid feadhainn bho Chrossroads a-steach fad na h-ùine sin, agus bheir iad a h-uile frithealadh seachad a bha an duine a bha a' coimhead às dèidh an euslaintich.

"Obair eile, 's e sin rud ris an can iad palliative. 'S e sin daoine a tha fìor bhochd, no a' tighinn gu deireadh, agus thèid iad a-steach an sin agus bidh iad leotha fhèin, no bidh iad an lùib Nursaichean Mhic a' Mhaoilein, no Marie Curie.

Airgead

"Ach nì iad sin 's bidh iad ann nuair a bhios feum orra.

"Chan eil uair sam bith airgead gu leòr ann.

"Tha e fìor gur e Bòrd na Slàinte agus a' Chomhairle as motha a tha a' cur a-steach de dh'airgead, ach aig an aon àm chan eil gu leòr ann.

"Nuair a bhios e a dhìth feumaidh Crossroads fhèin a h-uile oidhirp a dhèanamh airson gun tèid airgead a thional.

"Agus tha sinn an-còmhnaidh an eisimeil dhaoine airson a bhith a' togail airgid.

"Agus tha an t-eilean a tha seo mìorbhaileach fialaidh.

"Chan eil ceann thall air - agus cha bhiodh ceann thall air dè b' urrainn do Chrossroads a dhèanamh, nam biodh an tuilleadh airgid aca."