Tuna a rinn Toll air ais fo na Tuinn

An Tuna ga thogail

Rinn tuathanaich bhradain ann an Colbhasa cobhair air iasg mòr tuna sgiath ghorm on Chuan Shèimh an dèidh dha nochdadh ann am fear de na cèidsichean aca.

Is coltach gun robh leumadairean a' ruith an tuna, a tha trì meatar de dh'fhaid agus 47 clach de chuideam.

B' fheudar crann-togail a chur an sàs airson an tuna a thogail ann am basgaid, mus deach a leigeil ma sgaoil sa mhuir, agus dòchas ann gun dèan e a shlighe air ais dhan Chuan Shèimh.

"'S urrainn dha na rudan seo gluasad gu math luath - suas ri 50m.s.u. - agus is coltach gun do bhris e tro bhun a' chèidse mar thorpèado," thuirt manaidsear an tuathanais èisg, Ali Geadais.

"Gu fortannach cha deach a ghoirteachadh, agus cha do theich gin den iasg againn fhèin.

"Chaidh an toll a rinn an tuna a chàradh le dàibhearan an ceann beagan uairean de thìde.

Tha tuna Atlantaigeach cumanta ann an uisgeachan na h-Alba, ach chan eil feadhainn a bhuineas dhan Chuan Shèimh.