Rabhaidhean mu Bhrexit

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Buaidh Bhrexit ga deasbad aig Còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean anns an Òban.

Nochd rabhaidhean mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig Brexit air a' Ghàidhealtachd.

A' bruidhinn aig Còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean anns an Òban, thuirt Ministear Bhrexit na h-Alba, Mìcheal Ruiseal, gum faodadh Earra-Ghàidheal 's Bòd a-mhàin £350m a chall thairis air còig bliadhna mura faigh Breatainn aonta Bhrexit ris an EU.

Fiù 's le aonta, thuirt e, dh'fhaodadh gun cailleadh an sgìre mu £150m.

Thuirt Mgr Ruiseal gun tàinig na figearan bho Sgoil Eaconamach Lunnainn is gur e suimean airgid a tha seo a dhèanadh sgrios air an eaconamaidh ionadail.

Thuirt e gu bheil seo a' sealltainn gum feum argamaid làidir a dhèanamh airson 's gum fuirich Breatainn sa mhargaid shingilte, is gum bi saorsa gluasaid ann do dhaoine a tha airson tighinn a sgìrean mar Earra-Ghàidheal is Bòd.

Gàidhlig

Nochd cathraiche Bhòrd na Gàidhlig dragh mun chùis cuideachd.

Bha Ailean Dòmhnallach an làthair is aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig ga foillseachadh aig a' Chòmhdhail.

Thuirt e gu bheil iomagain ann gum faodadh Brexit buaidh nas motha a thoirt air sgìrean dùthchail an taca ris na bailtean mòra.

"Ma tha cruadal de sheòrsa sam bith a' tighinn air sgìre air a' Ghàidhealtachd a tha a' ciallachadh gu bheil an sluagh a' dol sìos, no nach eil an uiread de dhaoine a' gluasad a-staigh, tha e a' dol a bhith cudromach dha-rìribh do Ghàidhlig agus do dhualchas na Gàidhlig", thuirt Mgr Dòmhnallach.

Tha am Prìomhaire, Theresa May, ag ràdh gu bheil i misneachail gum faigh i aonta Bhrexit a nì feum dhan Rìoghachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile