Clàr-ama ùr ChalMac

CalMac

Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhruthainn grunn atharrachaidhean air a' chlàr-ama Samhraidh aca airson 2018.

Dh'innis iad gu bheil iad airson is gum bi na h-aiseigean aca a' ceangal nas fheàrr ri seirbheisean còmhdhail eile, agus gum bi barrachd sheirbheisean ann aig na h-amannan as trainge.

Uile gu lèir, bidh 15 atharrachaidhean ann.

Nam measg, fàgaidh aiseag Loch Baghasdail aig 06.20m Dihaoine, Disathairne is Didòmhnaich seach 07.00m. Tha seo ann gus an urrainn do dhaoine an trèana a ghlacadh bho Mhalaig a Ghlaschu aig 10.10m.

Thèid clàr-ama àrd an t-Samhraidh air an t-seirbheis eadar Ùige, an Tairbeart is Loch nam Madadh, le seòladh anmoch Dihaoine, a leudachadh bho 10 seachdainean gu 18 seachdainean.

Thèid leudachadh a dhèanamh cuideachd air an t-seirbheis Didòmhnaich eadar Steòrnabhagh agus Ulapul gus am bi dà sheòladh air ais agus air adhart fad an t-Samhraidh.

Ceanglaichean

Tha atharrachaidhean eile air seirbheisean eadar an t-Òban agus Lios Mòr, Sgonnsar agus Ratharsair, agus Fionnphort agus Eilean I, is iad ag amas air ceanglaichean siubhail a dhèanamh nas fheàrr.

Tha atharrachadh a' tighinn air an t-seirbheis eadar Ceann na Creige is Ìle agus na seòlaidhean a bharrachd san Iuchar is san Lùnasdal air an leudachadh gu fad an t-Samhraidh, is iad cuideachd air an gluasad gu amannan nas goireasaiche.

Chuir Cathraiche Comhairle Choimhearsanchd Ìle, Islay NicEachairn, fàilte air an naidheachd.

Thuirt i gu bheil iarrtas air a dhol am meud air an eilean, agus dùil gun lean sin anns na bliadhnaichean ri teachd.

Dh'innis CalMac gu bheil iad air na h-atharrachaidhean air fad a dhèanamh às dèidh dhaibh conaltradh ris na coimhearsnachdan a tha a' cleachdadh nan seirbheisean aca.

Tòisichidh an clàr-ama ùr air an 30mh den Mhàirt 2018.

Gheibhear an clàr-ama air fad air làrach-lìn ChalMac.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile