Rabhadh mu dhrugaichean air a' Ghàidhealtachd

Published

Thug na poilis rabhadh dha daoine a tha a' malairt dhrugaichean air a' Ghàidhealtachd às dèidh dhaibh cocain is cainb fhaighinn san sgìre.

Dh'innis na poils gun d'fhuair iad na drugaichean ann an taigh air a' Chomraich Diluain.

A bharrachd air cocain is cainb, lorg iad cuideachd còrr is mìle not anns an dearbh thaigh.

Chaidh casaidean a chur às leth fireannaich, 29, is chaidh aithisg a chur gu Neach Casaid a' Chrùin.

B' e an Constabal Craig Allan, a tha stèidhichte ann an Loch Carran, a bha os cionn na h-iomairt.

"Bu chòir dha seo sealltainn dha duine sam bith san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is air a' Chomraich nach eil dìon sam bith orra dìreach air sgàth 's gu bheil iad a' fuireach ann an sgìre dhùthchail.

"Thèid na h-oifigearan ionadail againn an sàs, agus bu chòir dùil a bhith aig daoine a tha a' malairt dhrugaichean gun tadhail sinn orra", thuirt e.

Thuirt an Constabal Allan gum bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh mu mhalairt dhrugaichean fios a chur air na poilis gu h-ionadail, air neo fònadh gu 101, air neo gu Crimestoppers air 0800 555 111.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh