Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cur Gheall

Dh'fhaodadh an t-suim a chuireas daoine sìos aig ionadan cur gheall a bhith cho beag ri £2, le ath-sgrùdadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air na trioblaidean a tha an gnìomhachas a' dèanamh. An-dràsta tha cead ann cho mòr ri £100 a chur sìos a h-uile fichead diog air cuid de na h-innealan, ach tha moladh ann sin a chuingealachadh gu eadar £2 agus £50 mar dhòigh air call mòr a sheachnadh.

Carles Puigdemont

Thuirt fear-lagha do Carles Puigdemont, a bha na cheannard air Catalonia, gu bheil e a' beachdachadh air comraich iarraidh anns a' Bheilg. Leig Àrd-Fhear-Lagha na Spàinne fhaicinn an-dè, gu bheil e a' togail chasaidean àr-a-mach agus buaireas an aghaidh bhall an an Riaghaltas Roinneil, agus Pàrlamaid Roinneil Chatalonia, a ghairm neo-eisimeileachd bhon Spàinn an t-seachdain seo chaidh. Tha dùil ri brath bho Mhgr Puigdemont às a' Bhruiseil uaireigin an-diugh.

Brexit

Tha eòlaichean ionmhais a' cur teagamh ann am beachd Bhanca Shasainn gum faodadh gnìomhachas an ionmhais ann am Breatainn uimhir ri 75,000 cosnadh a chall mura bi aonta malairt ann eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach an dèidh Bhrexit. Thug am Banca rabhadh do chompanaidhean ionmhais gum faodadh iad an cead malairt a chall air feadh an EU.

Sàrachadh Feise

Bidh còmhradh eadar na diofar phàrtaidhean an-diugh an dèidh aithrisean air sàrachadh feise aig Holyrood. Chuir an SNP rannsachadh air bhonn an dèidh do dhithis dragh a thogail mu dhol-a-mach den t-seòrsa sin anns a' phàrtaidh. Thàinig a' chùis am follais an dèidh dragh mu dhol-a-mach mhinistearan aig Westminster.

Ryanair

Chaidh prothaidean Ryanair suas 11% gu còrr is £1.1bn anns na sia mìosan gu deireadh na Sultain. Thuirt a' chompanaidh adhair gu bheil iad a' tighinn a rèir na chuir iad romhpa air a' bhliadhna-ionmhais a dh'aindeoin agus gun do chuir iad stad air 20,000 de na tursan aca.

Rathad

Tha taisbeanadh poblach ann an-diugh air planaichean airson rathaid ùir chonnspaidich ann an Inbhir Nis eadar an A9 agus an A96 air taobh sear a' bhaile. Tha am ball Uaineach ann am Pàrlamaid na h-Alba, John Finnie, am measg na tha a' càineadh a' phlana 's esan ag ràdh gun gabhadh an t-airgead cur gu feum nas fheàrr ann an àite eile. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bi an rathad ùr na phàirt cudromach de bhun-structar a' bhaile. Bidh na planaichean air làrach-lìn Chòmhdhail Alba bho 12:00f an-diugh, agus aig Eaglais nan Innseagan anns a' bhaile an-diugh, agus ann an Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn agus Chùil Lodair a-màireach.