Obair a bharrachd do Ghàrradh Àranais

Gàradh Àranais

Tha Gàrradh Àranais ann an Leòdhas air obair a bharrachd fhaighinn co-cheangailte ri tuath-gaoith Bheatrice a chumas obair sa ghàradh airson mìos a bharrachd.

Tha dùil gun tèid mu 15 duine a bharrachd fhastadh airson deiceannan a thathar a' togail sa ghàradh a pheantadh.

Fhuair Àranais pàirt den obair nas tràithe am-bliadhna ann an cùmhnant a fhuair Bifab airson 26 bunait stàilinn a thogail airson tuath-gaoith Bheatrice a-mach bho chladach Ghallaibh.

Fhuair iad an uairsin cùmhnant airson deich deic a dhèanamh.

Tha cuid dhuibh sin deiseil, ach Gàrradh Àranais a-nise air òrdugh fhaighinn na còig mu dheireadh a pheantadh cuideachd mus tèid an cur air falbh.

Feumaidh peant sònraichte a dhol air na bunaitean agus na deiceannan airson an dìon, agus tha Gàrradh Àranais a' fastadh luchd-obrach a bharrachd airson an obair a dhèanamh.

Feumaidh iad cuideachd eòlaichean a nì cinnteach gun tèid an obair dìon a dhèanamh ceart, agus tha dùil gum bi àireamh an luchd-obrach suas gu 150 an ath-sheachdain.

Leanaidh an obair seo gu deireadh an Fhaoillich.

Tha Gàrradh Àirinis cuideachd an dùil cluintinn timcheall air àm na Nollaig a bheil tairgsean airson obair ola is gas air soirbheachadh.