Ceannard Loganair an aghaidh PSO do Bheinn nam Fadhla

Raon-laigh Bheinn nam Fadhla Image copyright Geograph/Colin Smith

Thuirt ceannard Loganair nach biodh ann ach gòraiche gabhail ri iarratas 'son PSO, Dleasdanas mar Sheirbheis Phoblach, a chur air an t-slighe eadar Beinn nam Fadhla agus Glaschu.

Thuirt Ionatan Hinkles gum biodh e tòrr na bu ghlice faraidhean saora ADS (Sgeama Lasachaidh nam Faraidhean Adhair) a stèidheachadh a-rithist do luchd-gnothaich, rud a thug Riaghaltas na h-Alba air falbh sa Ghiblean 2011.

Tha Mgr Hinkles dhen bheachd nach biodh sin cho cosgail agus gun dèanadh e barrachd feum.

Tha cùmhnant PSO an-dràsta air seirbheisean bho Bharraigh, Ceann Loch Chille Chiarain agus Tiriodh gu Glaschu.

Tha an inbhe ga thoirt do sheirbheisean a tha air am meas riatanach ach nach soirbheachadh gu coimhearsalta às aonais taic bho Riaghaltas na h-Alba.

Duilgheadasan

Bha Mgr Hinkles a' bruidhinn aig coinneimh le riochdairean còmhdhail bho na h-Eileanan an Iar.

Aig a' choinneimh sin thogar dragh mu dè a dh'fhaodadh tachairt dhan t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Glaschu far a bheil iad a' farpais ri Flybe/Eastern.

Thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu robh e soilleir gu robh duilgheadasan ann leis an t-seirbheis sin an-dràsta agus gun deach aideachadh aig a' choinneimh gu robh an dà sheirbheis a' dèanamh call agus gu robh na faraidhean ro shaor.

"Aig deireadh an là tha e soilleir gu bheil cuideigin a' dol a chall a-mach às.

"Chan urrainn dhut a ràdh nach eil e draghail dhuinn faicinn dè cho fad sa chumas seo a' dol air adhart agus dè a thachras aig deireadh an là," thuirt e.

Chaidh ceist seasmhachd na seirbheis adhair a chur air Mgr Hinkles.

Thuirt Mgr Robasdan gu robh e air a mhisneachadh nuair a thuirt ceannard Loganair gu robh an gnìomhachas acasan stèidhichte air seirbheisean dha na h-eileanan agus dhan Ghàidhealtachd agus nan sguireadh iad dhan a sin gu robh cho math dhaibh sguir buileach glan.

"Thuig mi gun cumadh iadsan a' dol co-dhiù, ge bith dè a thachradh," thuirt e.