Iomairt gus rathad a thogail ann an Sanndaigh

An drochaid gu Eilean Shanndaigh Image copyright Geograph/John Allan

Tha coimhearsnachd Eilean Shanndaigh am beachd airgead a thional airson rathad a thogail san eilean airson a' chiad uair.

Ged a tha drochaid a' ceangal an eilein ri Canaigh, tha e an urra ris an tìde-mhara ma gheibh càr mun cuairt.

Chan eil ach 18 duine a' fuireach ann an Canaigh agus Sanndaigh.

Nuair a tha an tìde-mhara fàbharach gheibhear càr tarsainn air drochaid agus gabhaidh frith-rathad a bhith air a chleachdadh airson an sgoil agus àireamh bheag de thaighean a ruighinn.

Ach mura h-eil sin comasach feumar coiseachd ann neo "quad" a chleachadh.

Tha eileanaich ag amas air £31,000 a chruinneachadh airson rathad a thogail.

Cha bhi an rathad ach mu mìle gu leth a dh'fhaid.

Chuir Urras Nàiseanta na h-Alba, aig a bheil sealbh air na h-eileanan, airgead ris an iomairt mar-thà.

Thuirt iad gun dèanadh rathad feum mòr dhan choimhearsnachd.