Companaidhean chàraichean air mhàl mì-thoilichte

Port-adhair Bheinn nam Faoghla Image copyright Geograph/Barbara Carr

Tha dragh air companaidhean chàraichean air mhàl ann an Uibhist gun toir atharrachaidhean a tha Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean Earranta (HIAL) air a chur an sàs aig Port-adhair Bheinn nam Fadhla buaidh mhòr orra.

Cha bhi cead ach aig aon chompanaidh chàraichean a chumail aig a' phort-adhair, agus ged a tha HIAL air dòigh a thabhann do na companaidhean eile faighinn seachad air a sin, tha cosgais na chois.

Thuige seo tha trì companaidhean air a bhith a' fàgail nan càraichean do luchd-siubhail aig a' phort-adhair ann an dòigh neo-fhoirmeil.

Roghnich HIAL an cleachdadh a tha sin a chur air bun-stèidh nas fhoirmeile agus an cothrom a thoirt do dh'aona chompanaidh a mhàin.

A thuilleadh aig 6 àiteachan-pàircidh faisg air a' phort-adhair thèid àite a chur air dòigh dhan bhuidhinn taobh a-staigh an togalaich agus dh'fhaodadh gum bi cothrom co-mhargaidheachd ann cuideachd.

Chuir HIAL an cùmhnant a-mach gu tairgse agus 's e companaidh à Steòrnabhagh a shoirbhich.

Tairgse

Ged a chaidh am proiseas tairgse a shanasachd gu poblach chanadh na gnìomhachasan ann an Uibhist gun do thachair seo gun fhiosta dhaibh.

Tha iad ag ràdh nach tug iad for gu robh a leithid a' tachairt.

Thuirt Alasdair Mac a' Bhiochair, a tha ag obair aig Laing Motors ann an Loch Baghasdail, gun toir na h-atharrachaidhean buaidh mhòr orra.

Tha e mì-thoilichte nach d'thug HIAL a' chùis gu an aire.

"Saoilidh mi gun deach HIAL mu chuairt seo san dòigh cheàrr.

"Bha còir aca a bhith air leigeil fhaicinn dhuinn fhèin agus do dhaoine eile a tha ag obair san t-seòrsa gniomhachais a tha seo gu robh seo a' dol a thachairt agus gun coinnicheadh iad leinn agus còmhradh leinn feuch an gabh an gnothach a chur air bhonn gu math nas fheàrr na tha e air a dhèanamh," thuirt e.

Dragh

'S iad Ask Car Hire a' chompanaidh chàraichean air mhàl as motha ann an Uibhist le 60 càr agus còignear luchd-obrach.

Thuige seo 's e daoine a tha a' tighinn air a' phlèana as motha air a bheil iad a' frithealadh.

Thuirt tè de stiùirichean na companaidh, Oighrig NicDhòmhnaill, gum bi aca ri cosnaidhean a ghearradh mura bi cothrom aca càraichean fhàgail aig a' phort-adhair.

Thuirt HIAL gu bheil e na dhleastanas dhaibh, fon lagh, seirbheisean aig a' phort-adhair, mar chàraichean air mhàl, a chur a-mach gu tairgse.

Thuirt iad cuideachd gu bheil sgioba a' phuirt-adhair mothachail gu bheil draghan air èirigh anns a' choimhearsnachd ach gu bheil earbsa aca gun obraich na modhanan ùra gus piseach a thoirt air seirbheisean aig Port-adhair Bheinn nam Fadhla.

Cosgaisean

Fon t-siostam ùr cha bhì cead aig na companaidhean Uibhisteach càraichean a thoirt dhan phort-adhair neo tachairt ris an luchd-cleachdaidh aca ann an sin mar a tha iad air a bhith a' dèanamh bho thùs.

Thabhainn HIAL dhaibh dòigh - gu ìre - faighinn seachad air a sin.

Ma dh'aontaicheas iad cùmhnant far am bidh iad a' pàigheadh £2,000 'sa bhliadhna agus cuibhreann den teachd a-steach aca faodaidh iad luchd-cleachdaidh a thogail aig a' phort-adhair airson an toirt gu far a bheil iad fhèin a' cumail nan càraichean aca.

Ach tha dragh air na companaidhean chàraichean air mhàl gun cur sin ri na cosgaisean aca gu mòr.