Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

New York

Thuirt an Ceann-suidhe Trump gun do dh'iarr e air Roinn Thèarainteachd Dùthcha nan Stàitean Aonaichte sgrùdadh gu math nas cruaidh e dhèanamh air feadhainn a tha a 'dol a dh'fhuireach sna Stàitean. Bha e a' bruidhinn an dèidh na h-ionnsaigh ceannairc ann an New York an-dè anns an deach ochdnar a mharbhadh nuair a bhual duine a' draibheadh pick up annta.

Damien Green

Chaidh Damian Green, an t-Àrd-rùnaire Stàite agus caraid do Theresa May, às àicheadh gu làidir gun do rinn e oidhirpean mì-choltach air tè de luchd-iomairt a' Phàrtaidh Thòraidheach. Tha Kate Maltby, a' sgrìobhadh anns an Times, a' fàgail air Damian Green gun do chuir e làmh air a glùin agus gun do chuir e teachdaireachd teacsa a bha mì-iomhchaidh ga h-ionnsaigh. Dh'iarr Theresa May air Rùnaire a' Chaibineit rannsachadh a dhèanamh air a' chùis.

MOD

Chaidh fàgail air Ministreachd na Dìon gu bheil iad a' caitheamh na milleanan not a h-uile bliadhna leis nach eil pàirtean speir gu leòr ann do shoithichean cogaidh agus bàtaichean-aigeinn a' Chabhlaich Rioghail. Tha Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh ag ràdh gu bheil e 's fhìor fhàs cumanta mar chleachdadh aig a' Chabhlaich Rìoghail a bhith a' goid innleachd agus pàirtean bho shoithichean, bàtaicheam-aigeinn agus heileacoptairean eile.

Tramaichean

Thuirt fear a bha na chathraiche air comataidh còmhdhail Dhùn Èideann nach bu chòir do dh'ùghdarrasan ionadail a bhith os cionn sgeamaichean mòra poblach, mar pròiseact tram a' bhaile. Thuirt Gordon MacChoinnich, aig an rannsachadh mu sgeama nan trams, gu bheil cus cothrom ann an-dràsta brath a ghabhail air an sporan phoblach agus gur e Còmdhail na h-Alba, le taic Riaghaltas na h-Alba, a bu chòir a bhith os cionn phròiseactan mòra.

PSO

Thuirt ceannard Loganair nach biodh ann ach gòraiche gabhail ri iarratas 'son PSO, Dleasdanas mar Sheirbheis Phoblach, air an t-slighe eadar Beinn nam Fadhla agus Glaschu. Thuirt Ionatan Hinkles gum biodh e tòrr nas glice faraidhean saora ADS a stèidheachadh a-rithist do luchd-gnothaich, rud a thug an Riaghaltas air falbh sa Ghiblein ann an 2011.

Cumhnantan puirt-adhair

Tha companaidh ann an Uibhist, Ask Car Hire, a' gearain air an dòigh 'san do chaill iad cùmhnant aig Port Adhair Bheinn nam Fadhla. Thug Puirt Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilein an cùmhnant do Hire Hebrides, a tha stèidhte ann an Steòrnabhagh, ach tha Ask, ag ràdh nach deach innse dhaibhsan gu robh an cùmhnant a' dol a-mach gu tairgse agus tha iad ag ràdh a-niste gum bu chòir am proiseas tairgse tòiseachadh as ùr.