Meirle aig tuathanas-èisg an Loch Abar

Tha poilis ann an Loch Abar a' sireadh fiosrachaidh as dèidh mar a chaidh briseadh a-steach gu dà thuathanas-èisg san sgìre an t-seachdain-s'.

Anns a' chiad tachartas fhuairear a-steach gu làrach aig Loch Ailleart ann an uairean beaga na maidne Dimàirt.

Chaidh falbh le èideadh sàbhailteachd, innealan-obrach agus connadh.

Air an aon oidhche chaidh briseadh a-steach gu seadaichean aig làrach eile aig Loch Airceig, ach cha deach dad a ghoid.

Thuirt an Constabal Cameron Sharkey gu robh iad ag iarraidh air neach sam bith a chunnaic dad amharasach sna sgìrean sin fios a chur thuca.

"Bu chòir do dhuine sa bith aig a bheil fiosrachadh a dh'fhaodadh ar cuideachadh fios a chur gu na poilis air 101, leis a' chòd-aithneachaidh NP10004/17, air neo fios a chur gu Crimestoppers air 0800 555 111," thuirt e.