Briseadh dùil mu chrois-rathaid

Rathad Ghleann Urchadain Image copyright Google

Cha tèid cròis-rathaid do luchd-coiseachd a chur air Rathad Ghleann Urchadain ann an Inbhir Nis, a dh'aidhneoin 's gu bheil daoine sa sgìre a' gearain gu bheil an rathad cunnartach leis na th'ann de thrafaig.

Chan eil àite sònraichte air an rathad 'son faighinn bho aon taobh gu an taobh eile.

Thuirt Còmhdhail na Alba gun do rinn iad sgrùdadh air na h-àireamhean de dhaoine a chaidh a ghoirteachadh 's iad a' feuchainn ri faighinn tarsaing an rathaid eadar am Faoilleach 2014 agus an Cèitean 2017.

Sheall an rannsachadh sin gur e aon duine a chaidh a ghoirteachadh san ùine sin agus nach deach an leòn gu dona.

Thuirt iad nach robh iad dhen bheachd gu robh duilgheadas ann a thaobh sàbhailteachd a ghabhadh a chur ceart le crois-rathaid do luchd-coiseachd.

Thog am ball pàrlamaid Albannach, Daibhidh Stewart a' chùis, agus grunn dhaoine a tha fuireach air Rathad Ghleann Urchadain, no faisg air làimh, air gearain ris gu bheil e duilich do sheann daoine, daoine le cloinn agus do dhaoine a tha ciorramach fhaighinn tarsaing an rathaid.

Thuirt Mgr Stewart gu robh an fhreagairt a fhuair e bho Chòmhdhail na h-Alba na bhriseadh dùil dha.

"Thabhann Còmhdhail na h-Alba coinneamh le Sgioba Roi-innleachd Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba airson tuilleadh deasbaid a dhèanamh air an seo.

"Tha dùil agam a' choinneamh sin iarraidh agus leantainn orm leis an oidhirp crois-rathaid do luchd-coiseachd fhaighinn ann an seo," thuirt Mgr Stewart.