Bòrd na Gàidhlig coinneachadh ris a' Choimisean Co-ionnanachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bòrd na Gàidhlig a' coinneachadh ris a' Choimisean Co-ionnanachd

1 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Choinnich Bòrd na Gàidhlig ris a' Choimisean airson Co-ionnanachd is Còraichean Daonna.

Thog a' bhuidheann air cuid de na slaicean a tha an cànan air fhaighinn anns na meadhanan bho chionn ghoirid le pìosan san Times agus an Daily Mail 'sna laithean mu dheireadh a' ceasnachadh carson a tha airgead poblach ga chosg air a' Ghàidhlig.

Ged nach eil an Coimisean ag aithneachadh mion-chànain mar phàirt den obair aca, tha am Bòrd airson gun tèid smaoineachadh air san dòigh sin.

Bhruidhinn Ceannard a' Bhùird, Shona NicIllInnein, ri Iain MacAonghais air Aithris na Maidne.