An Gearasdan feumach air mìorbhail

An Àird Image copyright Craig Wallace / Geograph

Nì an Gearasdan is Inbhir Aora oidhirp eile air a' cheist mhòr mu dheireadh ann an seusan iomain nam fear a rèiteach gu h-oifigeil Disathairne.

Tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich mar-thà air an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh is iad gus tilleadh dhan Phrìomh Lìog.

Tha e cha mhòr cinnteach gur iad Cabair Fèidh a thèid suas còmhla riutha is iadsan air na geamaichean aca air fad a chluich is 20 puing a chàrnadh.

Ruigidh an Gearasdan 20 puing le buaidh an aghaidh Inbhir Aora aig an Àird, ach le diofar nan tadhal bidh aca ri buannachadh le 13 tadhail gus leum os cionn Cabers.

Ged a tha an Gearasdan air a bhith a' dol gu math, is Inbhir Aora fhèin air 4 de na 5 geamaichean mu dheireadh acasan a chall, tha a h-uile coltas ann gur e dùbhlan fada cus ro mhòr a bhios ann an 13.

Tòisichidh an geama aig an Àird aig meadhan-là Disathairne, is muinntir Shrath Pheofhair a' cumail sùil gheur air cùisean.

Thèid an geama mu dheireadh den t-seusan sa Phrìomh Lìog air adhart Disathairne cuideachd is Cill Mhàillidh a' cur fàilte air Camanachd an Òbain.

Tha fios mar-thà gu bheil Cill Mhàillidh a' dol sìos is gun crìochnaich sgioba an Òbain san 6mh àite.

Gheibhear fiosrachadh mu na geamaichean eile Disathairne an seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile