Liosta ga h-ullachadh 'son Aonta nan Eilean

Steòrnabhagh

Tha Comhairle nan Eilean Siar an dòchas gum bi fiosrachadh mionaideach ann ron t-samhradh an ath-bhliadhna air dè bhios ann an Aonta nan Eilean.

Bha riochdairean Urras Teachdail na h-Alba ann an Steòrnabhagh Diciadain a' cuideachadh na comhairle le a bhith a' tòiseachadh ag ullachadh liosta de phròiseactan a bhiodh airidh air taic fon aonta, ged nach eil e follaiseach fhathast dè na bhios ann de dh'airgead.

Bhiodh an t-aonta coltach ri na h-aontaidean cathair-bhaile a thathas a' toirt do àiteachan leithid Inbhir Nis agus Obar Dheathain agus bhiodh e a' toirt a-steach nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealtainn.

Se amas nan aontaidhean fàs eaconamach maireannach a bhrosnachadh agus obraichean a chruthachadh ann an sgìrean sònraichte.

Tha an dà riaghaltas ann an Westminster agus Dùn Eideann air taic a chuir ris an iomairt. Gheall Fo-rùnaire Stàit na h-Alba, am Morar MacDhonnchaidh, mur tha gun deadh an t-aonta a chur air adhart còmhla ri Bile nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Bha riochdairean Urras Teachdail na h-Alba ann an Leòdhas leis gur iad-san a tha an urra a bhith a' faighinn luach an airgid à pròiseictean bun-structair poblach às leth Riaghaltas na h-Alba.

Pròiseactan

Feumaidh Comhairle nan Eilean Siar beachdachadh air pròiseactan a tha a' toirt atharrachadh bunaiteach air an eaconamaidh agus consaidhean, agus a tha a' toirt air an àireamh sluaigh fàs.

Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, nach urrainn dhaibh airgead iarraidh airson pròiseactan leithid a bhith a' leasachadh rathaidean a th'ann mur tha.

"Tha sinn a' bruidhinn air rudan a tha bunaiteach agus rudan nach b'urrainn dhuinn a dhèanamh gu ruige seo," thuirt e.

Am measg nam pròiseactan air a bheil a' chomhairle a' coimhead tha a bhith a' cur càbal dealain thar a' Chuain Sgìth a bheireadh cothrom dhaibh an uairsin pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh.

"Bidh toradh mòr a' tighinn a-mach às a sin fhèin. Fiù 's ged nach biodh ann ach sin fhèin dhèanamh e diofar mòr a thaobh atharrachadh agus brosnachadh a thoirt air an eaconamaidh agus le sin shaoileadh tu gum biodh daoine a' tighinn a-steach cuideachd.

"Ach chan eil ann an sin ach aon phròiseact. Tha grunn mhòr phròiseactan eile ann co-cheangailte ris a' ghnìomhachas phrìobhaideach as motha a th'againne sna h-eileanan aig an ìre seo agus sin gnìomhachas an luchd-turais agus tha sin a' cur gu mòr ri eaconamaidh nan eilean, tarsaing nan eilean air fad agus tha grunn phròiseactan ann a ghabhas fhighe a-steach ann an roi-innleachd a thaobh barrachd a dhèanamh agus barrachd ghoireasan a bhith ann airson luchd-turais agus daoine a bhios a' tadhal dha na h-eileanan," thuirt e.

Measadh

Ged nach eil fios aig an ìre-sa dè an t-suim airgid a dh'fhaodadh iad fhaighinn feumaidh iad geàrr-liosta a chruthachadh de phròiseactan a dh'fhaodadh a bhith air a chur air adhart.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gun dèan an dà riaghaltas measadh air dè na rudan as urrainn dhaibh taic a chur ris agus dè na rudan ann nach urrainn dhaibh taic a chur ris ann an dòigh sa bith.

"Feumaidh cothromachadh de sheòrsa a choirigin a bhith eadar gach riaghaltas, gum bi iad co-dhiù a' coimhead ri 50% dhen ionmhas a bhith a' tighinn bho Riaghaltas Lunnainn agus 50% a' tighinn bho Riaghaltas Dhùn Èideann," thuirt e.

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gur e briseadh dùil a bhiodh ann mur deadh na ceudan mhilleanan not a thoirt seachad san aonta.

Aon uair 's gun tèid an liosta fhada a ghearradh gu liosta nas giorra thèid a' chomhairle a-mach gu coimhearsnachdan air feadh nan eilean a shireadh bheachd.

Feumaidh sin a bhith air a dhèanamh taobh a-staigh trì neo ceithir mìosan.