"Bu chòir cur às do shubsadaidhean àiteachais"

Crodh Image copyright Getty Images

Dh'fheumadh taic shubsadaidh do dh'àiteachas a bhith air a chuingealachadh gu mòr no air a chur às dha buileach glan às deidh Brexit ma tha Breatainn airson malairt shaor a mheasgachadh le targaidean àrainneachdail, a rèir buidhne beachdachaidh.

Thuirt aithisg Chatham House gun toireadh modail stèidhichte air a' mhargaidh, leithid na th' aca ann an Sealainn Nuadh, ìsleachadh air prìsean bìdh, ach gun deidh obraichean a chall.

Thug iad rabhadh, ge-ta, gun deadh grunn thuathanasan beaga à bith fo mhodail Shealainn Nuaidh.

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Àonaichte gun leanadh iad orra a' toirt taic do thuathanaich.

Tha an aithisg a' cumail a-mach gum biodh tuathanasan sprèidh gu h-àraidh cugallach san t-suidheachadh seo agus gur iad na coimhearsnachdan dùthchail ann an ceann a deas na h-Alba a dh'fhulaingeadh barrachd na sgìre eile gu coimearsalta.

Thuirt NFU na h-Alba gun robh malairt shaor na chunnart mhòr do dh'àiteachas.

Poileasaidhean

Bheachdaich luchd-rannsachaidh air na gealltanasan a chaidh a dhèanamh air poileasaidhean àiteachais tro referendum an AE agus iomairt an taghaidh an 2017.

Thuirt iad: "Do Bhreatainn, 's e modail stèidhichte air a' mhargaidh a-mhàin a bheireadh buannachd dhan dùthaich bho mhalairt shaor agus aig a' cheart àm a chumadh gealltanas an riaghaltais gus an àrainneachd a dhìon 'son nan ginealaichean ri thighinn.

Tha am modail seo aca ann an Sealainn Nuadh, far nach eil tuathanaich air a bhith a' faighinn subsadaidhean bho 1984 agus far a bheil prìsean bìdh saor.