Fògarraich Sirianach a' gluasad a dh'Inbhir Pheofharain

Fògarraich Image copyright Getty Images

Gluaisidh teaghlaichean de dh'fhògarraich à Siria a dh'Inbhir Pheofharan sna mìosan ri thighinn, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd.

Ag obair leis a' bhuidhinn a tha a' riochdachadh ùghdarrasan ionadail na h-Alba, COSLA, tha a' Chomhairle mar-tha air dachaighean a thoirt do naoi teaghlaichean anns an sgìre.

Chaidh dachaighean a thoirt do cheithir teaghlaichean ann an Loch Abar na bu thràithe am bliadhna, agus ghluais còig a dh'Alanais, ann an Taobh Sear Rois, ann an 2016.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an dòchas àitichean còmhnaidh a thoirt do eadar 25 agus 30 teaghlach suas gu a' bhliadhna 2020.

A' bruidhinn às leth chomhairlichean Inbhir Pheofharain, thuirt Ceannard Catharra Rois agus Chrombaidh, an Comh. Màiread NicPhàdraig: "Ann an co-bhann le buidhnean eile, tha sinn air co-dhùnadh gur e Inbhir Pheofharan an t-àite 's fheàrr airson fàilte a chur air an treas bhuidheann de dh'fhògarraich Shirianach chun na Gàidhealtachd.

"A thuilleadh air taigheadas a tha ri fhaotainn, àitichean sgoile, taic slàinte agus seirbhisean eadar-theangachaidh, tha eachdraidh cuideachd aig a' bhaile ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil daoine a' faireachdainn cofhurtail, às bith càite às an tàinig iad," thuirt i.