Measadh air soirbheachas cumhachd na mara

Uidheamachd cumhachd na mara

Feumaidh gnìomhachas cumhachd na mara grèim a chumail air maoineachadh Eòrpach às dèidh Bhrexit ma tha e gu bhith soirbheachail, a rèir aithisg bho luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Shrath Chluaidh agus Colaiste Ìmpireil Lunnainn, a bha a' sgrùdadh carson nach robh an roinn air adhartas a dhèanamh.

Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil feum air co-obrachadh agus obair-planaidh nas fheàrr san àm ri teachd.

Bha gnìomhachas cumhachd na mara air fhaicinn mar phàirt chudromach ann an roi-innleachd cumhachd ath-nuadhachail na h-Alba.

Ach tha greis bhon uairsin agus cha deach adhartas a dhèanamh a dh'aindeoin gun deach corr air £200m de dh'airgead poblach a chosg air an teicneòlas bho 2000.

Thuirt an luchd-rannsachaidh nach robhar a' tuigse cho duilich sa bhiodh e cumhachd fhaighinn bho thonnan, nach robh co-obrachadh gu leòr ann eadar diofar phròiseactan agus nach robh goireasan deuchainn gu leòr ann.

Cho-dhùin iad, ge-ta, gun deach leasanan ionnsachadh agus gu bheil an Rìoghachd Aonaichte a-nis ann an suidheachadh nas fheàrr an gnìomhachas a thoirt gu ìre choimearsalta.

Mhol iad gum biodh barrachd chonaltraidh eadar bhuidhnean gus nach biodh uimhir a dh'fharpais ann airson subsadaidhean.

Thug iad rabhadh, ge-ta, gum faodadh atharrachaidhean ann an suidheachadh poileataigeach na dùthcha, leithid Brexit, buaidh a thoirt air soirbheachas a' ghnìomhachais agus air an taic-ionmhais a bhios ri fhaotainn.