Sgrùdadh mu ionnsaigh air boireannach an Eilginn

Chaidh oifigearan poilis air ais gu làrach ann an Eilginn far an deach ionnsaigh a thoirt air boireannach an t-seachdain a chaidh.

Tha na poilis dhen bheachd gun robhar ag amas air a' bhoireannach seo, aois 44 bliadhna, gu sònraichte leis gun do thachair an ionnsaigh cho tràth sa mhadainn.

Fhuairear lorg air a' bhoireannach ann an sgìre Bharraid Woodside an dèidh 05:00 Diardaoin.

Thugar a dh'Ospadal Rìoghail Obar Dheathain i ach cha d'fhuair poilis cothrom bruidhinn rithe ceart leis gun deach a goirteachadh cho dona.

Thill oifigearan chun na làraich tràth sa mhadainn Diardaoin a bhruidhinn ri draibhearan a dh'fhaodadh a bhith sa sgìre aig an àm a thachair an ionnsaigh.

Bha am boireannach air a slighe gus bus fhaighinn air Rathad an Ear.

Bha seacaid shoilleir, briogais denim agus brògan dhonn oirre agus bha baga-làimh dubh aice. Tha a falt bàn.

Chuir na poilis ìmpidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a dhol thuca.