Drama luach £7,600 dearbhte fuadan

An t-uisge beatha fuadan Image copyright Sandro Bernasconi

Fhuairear dearbhadh gun robh glainne mac na braiche à Fàn Spè, a chaidh a reic le taigh-òsta às an Eilbheis airson £7,600, fuadan.

Chaidh an drama a dhòrtadh à botal nach robh air fhosgladh air an robh bileag MhicAilein le 1878 mar cheann latha.

Chaidh a' ghlainne dhen uisge bheatha a cheannach le fear beartach à Siona ann an taigh-òsta Waldhaus Am See ann an St Moritz.

Phàigh Zhang Wei, à Bejing, £7,600 's e dhen bheachd gun robh e a' faighinn blasad de mhac na braiche MacAilein bho 1878.

Thathas a' tuisge gur e sin an t-suim as motha a chaidh a phàigheadh airson drama uisge bheatha a-riamh.

Ach chaidh ceistean a thogail an robh an t-uisge beatha dha-rìribh cho aosd' sa bhathas a' dèanamh a-mach.

Chuir an taigh-òsta am botal air falbh gus an deadh deuchainnean a dhèanamh air.

Cho-dhùin sin gu robhar an ìre mhàth cinnteach nach deach a dhèanamh ro 1970 agus nach b'e mac na braiche a bh'ann.

Tha an taigh-osta, aig a bheil cliù airson an t-uisge beatha a tha iad a' reic, air gabhail ri buil nan deuchainnean.

Sgèith manadsair an taigh-òsta a Shiona airson an t-airgead a phàighadh air ais do Mhgr Zhang.