Bhòt air ainm drochaid ùir an Inbhir Nis

Drochaid ùr Image copyright Stuart Black/Highland Council

Dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd geàrr-liosta de dh'ochd ainmean airson drochaid ùr a thathas a' togail thar Abhainn Nis ann an Inbhir Nis.

Tha an drochaid mar phàirt de Cheangal Rathad ùr an Iar a' bhaile.

'S iad Drochaid Phàircean a' Chanàil, Drochaid Chailleannach, Drochaid a' Ghlinne Mhòir, Drochaid Mhuileann Tuilm, Drochaid Nis an Iar, Drochaid Thorr Bheathain, Drochaid Cheangail an Iar agus Drochaid Whin na h-ainmean air an liosta.

'S urrainn dhan phoball bhòtadh airson an t-ainm 's fheàrr leotha air làrach-lìn na Comhairle.

Bidh a' bhòt fosgailte gu meadhan-là Diluain an 6mh dhen t-Samhain.

Nuair a bhios an rathad deiseil ceangalaidh e rathaidean mòra an A9, A96 agus an A82.