Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rùnaire an Dìon

Dh'ainmich Theresa May Gavin Williamson, àrd-chuip an Riaghaltais, mar Rùnaire Dìon an dèidh do Shir Mìcheal Fallon an dreuchd fhàgail an-raoir anns an sgainneal mu dhol-a-mach mì-iomchaidh aig Westminster. Chaidh Mgr Williamson, a tha a' riochdachadh South Staffordshire, a thaghadh an toiseach mar Bhall-Pàrlamaid ann an 2010, agus bha e na rùnaire pàrlamaid prìobhaideach do Dhàibhidh Camshron, mus deach e mar àrd-chuip dhan Bh-Ph. May. Tha àrd-luchd-poileataigs den bheachd gur dòcha nach eil ann an Sir Mìcheal ach a' chiad fhear a chailleas a dhreuchd, agus thuirt ceannard nan Tòraidhean an Alba, Ruth Davidson, an-diugh gu bheil an t-àm ann "na stàbail a chartadh".

A' Chìs Chosnaidh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba ceithir roghainnean airson na h-ìre aig am bi a' Chìs Chosnaidh. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum feum atharrachadh sam bith seirbheisean poblach a ghlèidheadh agus a bhrosnachadh aig ìre a tha muinntir na h-Alba a' sùileachadh. Cha bhi molaidhean cinnteach ann gus an tèid dreach bhuidseat na h-Alba fhoillseachadh air an ath-mhìos.

Bàs Shaighdearan

Tha dithis shaighdearan bhon SAS fo chasaid neo-chùraim an dèidh bàs thriùir shaighdearan pàirt-ùine air cùrsa fastaidh dhan SAS anns an Iuchar ann an 2013. Chaochail na fir le buaidh an teas an dèidh caismeachd fad 16 mìle air na Brecon Beacons air là cho teth 's a bh' air a' bhliadhna sin.

New York

Tha fear fo chasaid ann an New York an dèidh na h-ionnsaigh anns an deach ochdnar a mharbhadh. Chaidh an in-imriche à Usbeagastan, Sayfullo Saipov, a tha 29 bliadhna de dh'aois, mu choinneimh na cùirte ann an cathair-cuibhle an dèidh a leòin nuair a loisg poilis air an dèidh na h-ionnsaigh ann am Manhattan Dimàirt. Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gum bu chòir binn bàis a chur air.

Subsadaidh Àiteachais

Dh'fheumadh subsadaidh àiteachais a bhith gu math nas lugha an dèidh Bhrexit, no cur às dha gu lèir, a rèir na buidhne meòrachaidh Chatham House. Tha an aithisg ag ràdh gum biodh e do-dhèante dhan Riaghaltas ann am margaidh shaoir cumail ri an targaid a thaobh na h-àrainneachd, agus gum biodh sin na chunnart gu h-àraid do dh'àiteachas an Alba a tha gu mòr a' crochadh air àrach sprèidh. Thuirt Roinn an Àiteachais aig an Riaghaltas ann an Westminster gun lean iad orra a' cumail taic ris a' ghnìomhachas airson iomadh bliadhna fhathast.

Taic-airgid Chraobhan

'S i croitear à Leòdhas a' chiad tè a fhuair taic-airgid bho sgeama iasaid choille do chroitearan a tha Urras Coille na h-Alba agus Urras Taigheadas Choimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd a' ruith eadar iad. Fhuair Marge NicMhathain taic airson craobhan a chur agus feansa fèidh a thogail air a' chroit aice ann an Siadar Uarach.