Leasachadh mòr Chomainn Eachdraidh Cheann an Loch

Comunn Eachdraidh Cheann a Loch

Tha Comann Eachdraidh Cheann an Loch ann an Leòdhas ag ullachadh 'son luach £1m de leasachadh a dhèanamh air na goireasan aca agus iad a' cur na h-obrach a-mach gu tairgse.

Nì an comann rannsachadh farsaing air eachdraidh agus arc-eòlas na sgìre, gu h-àraid co-cheangailte ri Clann 'IcCoinnich agus na Sìophortaich.

Tha iad ag ràdh gum bi am fiosrachadh a chruinnicheas iad agus an turasachd a thig na chois na bhuannachd mhòr dhan sgìre.

Tha an comann eachdraidh air obair mhòr a dhèanamh mar thà airson seann Sgoil Bhaile Ailein a dhèanamh ga goireas taisbeanaidh agus ionad coimhearsnachd, ach leis a' £1m a tha iad air fhaighinn tha iad an dùil obair leasachaidh mhòr a dhèanamh air an togalach agus barrachd a dhèanamh mu eachdraidh na sgìre.

Tha iad air a bhith ag obair gus seo a thoirt gu buil fad trì bliadhna.

Image copyright MJC 3D Design
Image caption Chaidh na planaichean a thaisbeanadh aig Comunn Eachdraidh Cheann an Loch Diardaoin.

Thèid an seann sgoil a thoirt air ais gu na ballachan agus thèid an togalach a thoirt gu ìre airson gum bi e freagarrach airson cruinneachaidhean a thaisbeanadh.

Bidh cafaidh ann cuideachd 's iad an dòchas luchd-turais a thadhladh ann, a thuilleadh air daoine aig a bheil ùidh ann an eachdraidh ionadail.

Dh'innis cathraiche a' chomainn, Ken Roddy MacAoidh, gu bheil a' bhuidheann a' dèanamh tòrr de na ceangalan a th' aca ri Clann 'IcCoinnich agus ris na Sìophartaich.

"Tha e cudromach dhuinne rudan fhaighinn a thachair san sgìre againn fhìn a tha diofraichte bho rudan a tha air feadh nan eilean gus am bi daoine a tha a' tighinn dha na h-eileanan, gum faigh iad sealladh air rudan air leth anns gach sgìre, agus bha Clann 'IcCoinnich, nuair a ghabh iad thairis an t-eilean, 's ann trì mìle às an seo a bha iad air an suidheachadh 'son a' chiad treis a bha iad ann, agus tha e air a dhiochuimhneachadh," thuirt e.

Clann 'IcCoinnich

Tha Comann Chlann 'IcCoinnich a' cumail sùil air na tha a' tachairt, agus tha iad airson an ceanagal eadar an teaghlach, leis an robh Eilean Leòdhais airson còrr math agus 200 bliadhna, a ghleidheil.

Tha buill a' chomainn an dùil cruinneachadh san sgìre, agus na leasachaidhean fhaicinn an ceann trì bliadhna.

Thuirt Iar-Chathariache Chomainn Chlann 'IcCoinnich, Dòmhnall MacCoinnich, gur e àite air leth a th' ann airson tadhal leis gu bheil mòran dualchais ann do bhuill.

"Nuair a bha cruinneachadh againn ann an Srath Pheofhair ann an 2015 bha eadar 150 agus 160 duine ann.

"Nuair a chaidh sinn chun an tatù bha 112 duine ann. Le sin tha sinn an dòchas gum bi sluagh ann an Leòdhas.

"Cuiridh sinn ri eaconamaidh nan eilean. Thèid sinn ann air a' bhàt-aiseig. Bidh sinn a' fuireach ann an Steòrnabhagh agus bi sinn a' cleachdadh bhusaichean airson a dhol mu chuairt an eilein," thuirt Mgr MacCoinnich.

Tha ceangal aig a' chomann eachdraidh ri Taigh-Tasgaidh Rèiseamaidean na Gàidhealtachd ann an Dùn Deòrsa agus tha dòchas gun cuidich gach buidheann càch à chèile.

Thuirt Anne Marie Peckham, a tha ag obair san taigh-tasgaidh, gu bheil obair a' dol air adhart faic dè as urrainn dhaibh a dhèanamh.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi sinn a' roinn fiosrachaidh eadar sinn agus gur dòcha gum bi sinn a' dol ann an compàirteachas airson pròiseactan, taisbeanaidhean, cruinneachaidhean air iosad, agus 's dòcha tachartasan meadhan-sòisealta a chur air adhart," thuirt i.

Turasachd

Tha dòchas ann gun cuir an obair a tha an comann eachdraidh a' dèanamh gu mòr ri turasachd na sgìre.

Bidh turas Chomainn Chlann 'IcCoinnich an ceann trì bliadhna mar phàirt dheth sin.

Tha Stiùiriche nan Eilean Siar aig VisitScotland, Ailean MacCoinnich, den bheachd gu bheil buannachd mhòr ri fhaighinn às an t-seòrsa turasachd seo.

"Tha fios againn tro ar rìoghachd gu lèir gu bheil daoine a tha a' dèanamh ceangail agus a' dèanamh togail ìomhaigh air na cleamhnasan a th' aca agus tha sinn airson gum bi sinn a' faicinn sin a' tachairt anns na h-eileanan.

"Chunnaic sinn le ainmean eile, MacLeòid, 's Moireasdan, agus mar sin air adhart, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil cothrom mòr aig an sgìre a tha seo togail ìomhaigh Chlann 'IcCoinnich an-àirde agus a bhith a' faighinn buannachd dhan sgìre tron sin," thuirt e.