Tinneas a' phlùic an Leòdhas sna Hearadh

Caoraich agus uain

Tha tinneas a' phlùic am measg chaorach gu math dona a-rithist am bliadhna, a rèir lighiche-spreidh Leòdhais sna Hearadh.

Bha Hector Low a' bruidhinn aig coinneimh de Chomann Chaorach Leòdhais sna Hearadh ann an Steòrnabhagh oidhche Dhiardaoin.

Ged a bha am plùc dona an-uiridh tha adhaichean nam beathaichean a tha a' tighinn a-steach do thaigh-spadaidh Steornabhaigh a' sealltainn gu bheil e a' cheart cho dona am bliadhna, mura h-eil nas miosa.

Aon dha na h-adhbharan gu bheil am plùc air a bhith cho dona am bliadhna 's e gu bheil an t-sìde air a bhith cho fliuch.

Tha na seilcheagan a tha a' sgapadh an tinneis beò ann am poll.

Tha e cuideachd a' dearbhadh nach eil cuid de na leigheasan traidiseanta ag obair cho math 's a b'àbhaist.

Sgapadh

Tha a' phlùc air fàs eòlach air na leigheasan agus a' sabaid nan aghaidh.

Bidh am plùc a' tighinn air caoraich nuair a tha iad ag ithe uighean beaga bìodach air an fheur.

Tha iad sin an uairsin a' tighinn beò am broinn nam beathaichean agus a' dèanamh an slighe gu an adha agus a' fas ann an sin.

Bidh uighean nan seilcheagan sin an uairsin a' tighinn a-mach ann an salachair nan caorach, a' dol air a' ghlasach agus a' tòiseachadh a-rithist.

Sgapaidh an galar gu sgiobalta.

'S e duilgheadas mòr a th'ann air feadh na h-Alba, ach gu sònraichte ann an sgìrean fluich leithid nan eileanan.

Leigheas

Chan eil e furasta làmh an uachdair fhaighinn air a' ghalar agus 's e a' chomhairle a bh' aig na h-eòlaichean aig a' choinneimh Diardaoin dèanamh cinnteach gu bheilear a' toirt seachad an leighis cheart aig an àm cheart den bhliadhna.

Mhol iad do chroitearan agus tuathanaich cuideachd a bhith ag atharrachadh an stuth a tha iad a' cleachdadh fad na h-ùine gus nach fhaigh am biastag eòlach air aon seòrsa stuth.

Tha dearbhadh ann gu bheil am plùc na trioblaid ann an Leòdhas sna Hearadh.

Às na ceudan bheathaichean a chaidh tron taigh-spadaidh ann an Steòrnabhagh bhon Lùnastal thuirt an lighiche-sprèidh Hector Low nach robh ach dà adha nach robh air a' mhilleadh leis a' phlùc.

Chan eil am plùc na chron sa bith do dhaoine no a' milleadh na feòla ann an dòigh sam bith.

A' chlaimh

Dh'innis na h-eòlaichean gu bheil a' chlaimh na dhuilgheadas sna h-eileanan cuideachd.

'S e biastag no gartan, a th'anns a' ghalar a bhios beò air clòimh nan caorach.

An ceann greis adhbhraichidh i tachais gun sguir. Mu dheireadh thig lotan mòra air a' chraiceann agus tòisichidh na beathaichean a' call na clòimhe.

Anns a' mhòr chuid de shuidheachaidhean tha i a' sgapadh nuair a tha caoraich air an toirt a-steach à àitichean eile.

Mhol na h-eòlaichean dèanamh cinnteach gun tèid leigheas a thoirt do bheathaichean a tha air an toirt a-steach mus tèid an cur am measg bheathaichean eile.

Dh'iarr iad cuideachd gum biodh daoine ag obair còmhla.

Bidh daoine mar as tric a' dupadh nan caorach 'son smachd fhaighinn air a' ghalar.

A-rithist cha dèan e cron air mac an duine, ach dh'iarr na eòlaichean air croitearan a bhith air am faiceall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo