Cead ga shireadh 'son factaraidh ùir

An Gearasdan Image copyright Undiscovered Scotland

Thèid planaichean airson facataraidh a thogail sa Ghearasdan a bhios a' dèanamh cuibhlichean alloy a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain.

Fhuair a' choimhearsnachd cothrom sùil a thoirt air na planaichean an t-seachdain seo.

Thug corr is 100 duine sùil air planaichean na companaidh Liberty Metals.

Dh'innis oifigearan na companidh barrachd mu na planaichean aca agus mun choltas a bhios air an togalach.

Thug iad fiosrachadh seachad cuideachd mu dè an seòrsa fuaim a bhios a' tighinn bhon fhactaraidh agus a' bhuaidh a bhios aice air an àrainneachd agus còmhdhail.

Thuirt fear-labhairt bhon chompanaidh gu robh moran a thug beachd seachad a' cur taic ris a' phròiseact.

Cuiridh iad iarrtas airson cead-dealbhachaidh gu a' chomhairle Diluain an 6mh den t-Samhain.

Tha dùil aca ri co-dhùnadh bhon ùghdarras ionadail as t-earrach an ath-bhliadhna.