Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Kelvin Hopkins

Tha àrd-bhuill Làbarach ag iarraidh rannsachaidh an dèidh dhan phàrtaidh casg rè ùine a chur air a' bhall pàrlamaid Kelvin Hopkins. Ghearain boireannach òg a bha ag obair dhan phàrtaidh gun do bhoin e dhith-se ann an dòigh mì-iomchaidh agus gun do chur e teachdaireachd theacsa dhrabasda ga h-ionnsaigh. Cha d'thuirt Mgr Hopkins fhèin dad mun chùis ach tha feadhainn anns a' phàrtaidh a' faighneachd carson a fhuair e àite sa chaibineat Làbarach, goirid an dèidh a chronachadh an dèidh dhan bhoireannach gearain.

Sir Mìcheal Fallon

Tha feadhainn a tha faisg air an t-seann Rùnaire Dìon, Sir Mìchael Fallon, a' dol às aicheadh chasaidean ùra na aghaidh 'san. Tha am pàipear-naidheachd, an Sun, ag ràdh gun do ghearain Ceannard Thaigh nan Comantan, Andrea Leadsom, gun d'thuirt e rud drabasda rithe-se bho chionn beagan bhliadhnaichean. Dhiult a' Bhean-phòsda Leadsom dad a ràdh.

Catalonia

Tha dùil gun cuir cùirt anns an Spàinn barantas eadar-naiseanta a-mach an-diugh 'son seann cheannard Chatalonia, Carles Puigdemont, agus ceathrar a bha na ministearan aige, a chur an grèim. Cha robh duine dhiubh sin anns a' chùirt an-de 'son fianais a thoirt mun dòigh san deach neo-eisimeileachd a ghairm do Catalonia. Tha ochdnar eile bha ann an riaghaltas Chatalonia fhathast sa phrìosan.

Turasachd

Dh'inns Ministear na Turasachd, Fiona Hylsop, gun teid buidheann-ghnìomh a stèidheachadh 'son goireasan agus bun-structar a leasachadh mu choinneamh àireamhan mòra luchd-turuis dhan Eilean Sgitheanach. Bidh riochdairean air a' bhuidhinn bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, VisitScotland, Poilis na h-Alba agus riochdairean turasachd an eilein fhèin.

EIS

Tha an t-aonadh thidsearan 's motha ann an Alba a' càineadh phlanachan Riaghaltas na h-Alba fom biodh tuilleadh cumhachd aig ceannardan-sgoile. Tha an EIS ag ràdh nach eil dearbhadh 'sam bith ann gun dèanadh atharrachadh ann an ionmhas agus stiùireadh nan sgoiltean feum dhan chloinn.

Comunn Eachdraidh

Tha Comunn Eachdraidh Cheann a' Loch ann an Leòdhas ag ullachadh 'son luach millean not de leasachadh a dhèanamh air na goireasan aca agus iad a' cur na h-obrach a-mach gu tairgse. Nì an comunn rannsachadh farsaing air eachdraidh 's arc-eòlas na sgìre, gu h-àraid co-cheangailte ri Clann 'IcChoinnich agus na Sìophortaich agus tha iad ag ràdh gum bi am fiosrachadh a chruinnicheas iad agus turasachd a thig leis na bhuannachd mhòr dhan sgìre.

Jose Mourinho

Tha manaidsear Mhanchester United, Jose Mourinho, anns a' chùirt 'sa Spainn an-diugh far am bheil e fo chasaid gu robh e a' seachnadh chìsean, rud a tha a e a' dol às àicheadh. Tha na h-ùghdarrasan a' fàgail air Mgr Mourinho gu bheil aige ri mu thrì millean not a thoirt dhaibh, bhon àm a bha e na mhanaidsear air Real Madrid.