Fox gu bhith a-mach treis

Scott Fox Image copyright SNS
Image caption Chaidh Scott Fox a ghoirteachadh ann am Peairt air a' mhìos seo chaidh.

Dh'innis Ross County nach eil dùil aca gun cluich Scott Fox 'son còig no sia seachdainean.

Ghoirtich am fear-glèidhidh a shliasaid an aghaidh St Johnstone air a' mhìos seo chaidh.

Thuirt manaidsear Chounty, Owen Coyle, gu bheil e an dòchas gum bi Fox fut a-rithist ann am meadhan na Dùbhlachd.

"Chaidh Foxy a dh'fhaicinn eòlaiche ann an Lunnainn", thuirt Coyle.

"Chan eil feum aige air obair-lannsa is 's e deagh naidheachd a tha sin.

"An rud a tha a dhìth air, 's e còig no sia seachdainean mus cluich e a-rithist", thuirt e.

Tha dùil a-nise gum bi Aaron McCarey eadar na puist do Chounty anns na seachdainean ri tighinn.