Buidheann-ghnìomha don Eilean Sgitheanach

Glumagan nan Sìthichean Image copyright Richard Croft/Geograph

Dh'innis Rùnaire na Turasachd, Fiona Hylsop, gun tèid buidheann-ghnìomha a stèidheachadh 'son goireasan agus bun-structar a leasachadh mu choinneimh àireamhan mòra luchd-turais dhan Eilean Sgitheanach.

Bidh riochdairean air a' bhuidhinn bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, VisitScotland, Poileas Alba agus riochdairean turasachd an eilein fhèin.

Tha goireasan agus bun-structar an eilein a' faileachadh dèiligeadh ris na tha a' tadhal air an eilean de dhaoine ann an seusan na turasachd.

Bha Ms Hyslop a' tadhail air an eilean Dihaoine feuch an suidheachadh fhaicinn dhi fhèin, agus beachdan a chluinntinn bho ghnothachasan agus muinntir an àite.

B' e fear de na h-àiteachan air an do thadhail i Glumagan nan Sìthichean ann an Gleann Breatail, far an deach fhoillseachadh gun tèid fearann a reic ri Comann Tallaichean Coimhearsnachd Mhinginis air £2,500 - £27,500 nas lugha na luach margaidh an fhearainn - le Iomairt Coilltearachd Alba, airson goireasan a leasachadh.

Thadhail còrr is 108,000 duine air na Glumagan an-uiridh, agus chan eil na goireasan a tha nan cois math gu leòr, le dìreach 35 àite-parcaidh ri fhaotainn.

Tha a' choimhearsnachd ionadail an dòchas rùm a dhèanamh do 137 càr, agus timcheall air 20 meanbh-bhus is bhana-campachaidh.

Thadhail Ms Hyslop air an làraich, còmhla ri BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis.

"Tha mi air mo dhòigh a bhith a' faicinn gu bheil sinn ceum nas fhaisge air raon-parcaidh fada nas fheàrr aig na Glumagan," thuirt Ms Fhoirbeis.

"Tha seo na chomharra air na chaidh de dh'ùine agus oidhirp a chur a-steach dhan phròiseact a tha seo.

"Tha an rathad singilte a th' ann ro bheag dhan trafaig a tha a' parcadh aig na Glumagan.

"Fòghnaidh na dh'fhòghnas, agus tha mi toilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' ceadachadh reic an fhearainn seo," thuirt i.

Fhuair an Comann £100,000 bho Chomhairle na Gàidhealtachd mu choinneamh am pròiseact aca a mhaoineachadh.

Cosgaidh am pròiseact air fad - a' gabhail a-steach leasachaidhean air rathaidean agus taighean-beaga poblach na sgìre - timcheall air £500,000.

Chaidh Glumagan nan Sìthichean ainmeachadh mar an t-àite as fheàrr ann am Breatainn airson cuirm cnuic a ghabhail, leis a' bhuidhinn a tha a' ruith Seachdain Nàiseanta na Cuirme-cnuice.

Tha an làrach-iùil siubhail Wanderlust cuideachd air na Glumagan ainmeachadh mar an àite as fheàrr airson snàmh nàdarra ann am Breatainn.