Cabair Fèidh sa Phrìomh Lìog

Caisteal Leòid Image copyright Craig Wallace / Geograph
Image caption Bidh na sgiobaidhan mòra a' tadhal air Caisteal Leòid an ath-bhliadhna.

Bidh Cabair Fèidh ann am Prìomh Lìog na h-iomain ann an 2018.

Bha Cabers mar-thà air na geamaichean air fad aca a chluich is air 20 puing a chàrnadh.

Bha cothrom aig a' Ghearasdan leum os on cionn nam biodh iad air buannachadh le 13 tadhail an aghaidh Inbhir Aora Disathairne.

Air a' cheann thall, chrìochnaich an geama sin 2-0 dhan Ghearasdan.

Dh'fhàg sin gun tèid Cabair Fèidh suas dhan Phrìomh Lìog còmhla ri Camanachd an Eilein Sgitheanaich, is gum bi an Gearasdan san Lìog Nàiseanta a-rithist an ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile