Soirbheachas dha Eòrpa
- Published
Shoirbhich leis a' phrògram Eòrpa bho BhBC ALBA aig duaisean Bafta na h-Alba oidhche Dhòmhnaich.
Bhuannaich am prògam 'Dùnadh Ionad Ghuantànamo' an duais airson a' phrògraim as fheàrr ann an roinn Chùisean Làitheil.
B' i Angela NicIlleathain am preasantair a bh' ann le Maureen NicLeòid na stiùiriche.
Bha Niall MacÌosaig is Murchadh MacSuain a' rannsachadh is Stephen Hughes air camara.
B' i Rebecca NicIllinnein an riochdaire a bh' ann.