Comhairliche Sgitheanach air buidheann an SNP fhàgail

Tharraing comhairliche Sgitheanach a-mach à buidheann an SNP air Comhairle na Gàidhealtachd às dèidh dha nochdadh anns a' chùirt.

Nochd Calum MacLeòid, 49, aig Cùirt an t-Siorraidh ann am Port Rìgh fo chasaid gun do ghiùlain e e fhèin ann an dòigh bhagarrach.

Chaidh e às àicheadh na casaid agus nochdaidh e anns a' chùirt a-rithist anns an Fhaoilleach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile