Làn-sgrùdadh air seirbheisean slàinte Ghallaibh

Luchd-iomairt an t-seachdain a chaidh
Image caption Ghabh còrr air 2,000 duine pàirt ann an ralaidhean an t-seachdain a chaidh

Gheall NHS na Gàidhealtachd sgrùdadh coileanta a dhèanamh air seirbheisean slàinte Ghallaibh.

Thàinig an naidheachd nas lugha na seachdain às dèidh mar a nochd còrr air 2,000 duine airson fianais a thogail anns an sgìre 's dragh orra gun deadh leapannan ospadail a chall agus gun dùineadh ospadalan.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach robh iad air co-dhùnaidhean sam bith a ghabhail fhathast.

Nochd draghan mòra nuair a chaidh an t-seirbheis mhàthaireil ann an Ospadal Ghallaibh a chur fo stiùir mhnathan-glùine, seach àrd-dhotairean mar a bh' ann roimhe.

Dh'fhàg sinn gum feumadh barrachd bhoireannach a tha an dùil ri leanabh siubhal gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thuirt Comhairliche Inbhir Ùige agus taobh sear Ghallaibh, Nicola Nic na Ceàrdaich, gum feum muinntir nan coimhearsnachdan am beachdan fhèin a chur fa chomhair a' Bhùird-shlàinte.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile