Fàilte air buidheann-ghnìomha don Eilean Sgitheanach

An t-Eilean Sgitheanach
Image caption Bha seusan turasachd air leth trang anns an Eilean Sgitheanach am-bliadhna.

Tha fàilte ga cur air Buidheann-ghnìomha ùr don Eilean Sgitheanach, a chaidh ainmeachadh le Rùnaire na Turasachd, Fiona Hyslop, 's i a' tadhal air an eilean an t-seachdain a chaidh.

Tha draghan mòra air nochdadh am-bliadhna mu na tha de luchd-turais anns an Eilean Sgitheanach 's gun goireasan gu leòr a bhith ann dhaibh.

Bidh riochdairean air a' bhuidhinn ùir bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, VisitScotland, Poileas Alba agus riochdairean turasachd an eilein fhèin.

Chuir Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shlèite agus Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach, fàilte air co-obrachadh eadar na diofar bhuidhnean.

"Tha sinn toilichte gu bheil na buidhnean a-nis a' tighinn còmhla ann am buidheann-ghnìomha agus gun tòisich iad a' cur air dòigh nan rudan a tha feumach air a dhèanamh gus am bi turasachd soirbheachail againn anns an eilean a tha seo".

Dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba roimhe gun deadh stòras de £6m a stèidheachadh airson bun-structar na turasachd ann an sgìrean dùthchail a leasachadh, agus thuirt Mgr Moireach gu bheil cnap math dheth sin a dhìth orra-san.

"Chan e beagan dheth a bhiodh sinn a' sùileachadh an seo bhon b' urrainn dhuinn a h-uile sgillinn dheth sin a chosg anns an sgìre seo ann an ùine gu math goirid bhon tha na goireasan againn, tha iad gu math fada air ais agus feumach air an leasachadh".

Tuilleadh air an sgeulachd seo